作曲 : Traditional Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu Is tric mi 'sealltainn o'n chnoc a's àirde Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta An tig thi an diùigh no'n tig thu a-màireach? 'S mur tig thu idir gur truagh a tà mi Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu Tha mo chridhe-sa briste, brùite 'S tric na deòir a' ruith o m' shùilean An tig thu a-nochd no'm bi mo dhùil riut No'n dùin mi'n dorus le osna thùrsaich? Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu 'S tric mi 'faighneachd de luchd nam bàta Am fac' iad thu no 'bheil thu sàbhailt' Ach 's ann a tha gach aon dhiùbh 'g ràitinn Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu