[00:08.75]Gur duilich leam mar tha mi [00:12.94]'s mo chridhe 'n sàs aig bròn [00:17.80]bhon an uair a dh'fhàg mi [00:22.30]beanntan àrd a'cheò, [00:26.46]gleanntannan a'mhànrain [00:31.35]nan loch, nam bàgh, 's nan stròm [00:35.31]'s an eala bhàn 'tha tamh ann [00:40.43]gach là air 'm bheil mi'n tòir. [00:44.30] [00:45.32]A Mhagaidh na bi tùrsach [00:49.27]a rùin, ged gheibhinn bàs. [00:53.86]Cò am fear am measg an t-sluaigh [00:58.39]a mhaireas buan gu bràth? [01:02.85]Chan eil sinn uileadh ach air chuairt [01:07.46]mar dhìthein buaile fàs [01:11.78]bheir siantannan na bhliadhna sìos [01:16.82]'s nach tog a'ghrian an àird. [01:20.96] [01:24.40]Air m'uilinn anns na truinnseachan [01:28.30]tha m'inntinn ort, a ghràidh. [01:32.76]Nam chadal bidh mi 'bruadar ort, [01:37.36]cha dualach dhomh bhith slàn. [01:41.58]Tha m'aigne air a' lìonadh [01:46.40]le cianalas cho làn, [01:51.50]'s a' ghruag a dh'fhàs cho ruadh orm [01:55.75]a-nis air thuar bhith bàn. [01:59.75] [02:22.88]Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh [02:27.20]o'n bhlàr gu'n till mi beò, [02:31.66]is gu'm faic mi'n t-àite [02:35.98]'s an deachaidh m'àrach òg, [02:40.35]bidh sinne 's crathadh làmh againn [02:44.81]is bilean blàth toirt phòg, [02:49.40]'s mo ghealltanas bidh pàighte dhut [02:53.93]le fàinne chur mu d'mheòir. [02:58.10] [03:01.18]Ach ma thig an t-àm [03:05.49]is anns an Fhraing gu'm faigh mi bàs, [03:09.43]'s an uaigh gu'n tèid mo shineadh [03:13.79]far éil na mìltean chàch, [03:18.16]mo bheannachd leis a'ghruagaich, [03:22.54]a'chaileag uasal bhàn, [03:26.87]gach latha a dh'fhalbh gun uallach dhi [03:31.79]gun nàire gruaidh na dhàil. [03:35.74] [03:36.40]Oidhche mhath leat fhéin, a rùin, [03:40.41]nad leabaidh chùbhraidh bhlàth, [03:45.14]cadal sàmhach air a chùl [03:49.46]'s do dhùsgadh sunndach slàn. [03:53.88]Tha mise 'seo 'san truinnsidh fhuair [03:58.42]nam chluaisean fuaim a bhàis, [04:03.90]gun dùil ri faighinn às le buaidh [04:07.79]tha'n cuan cho buan ri shnàmh.