O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo Chì mi gun dàil an t-àite 's an d'rugadh mi Cuirear orm fàilt' 's a' chànain a thuigeas mi Gheibh mi ann aoidh agus gràdh 'n uair ruigeam Nach reicinn air thunnaichean òir O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo Chi mi a' ghrian an liath nam flaitheanas, Chi mi 's an iar a ciar 'n uair laigheas i; Chan ionnan 's mar tha i ghnàth 's a' bhaile seo 'N deatach a' falach a glòir. O chì, chì mi na mórbheanna O chì, chì mi na córrbheanna O chì, chì mi na coireachan Chì mi na sgoran fo chèo Chì mi na sgoran fo chèo