Och hirì gur trom m' osnaich 'S fad bho mo luaidh nochd mi Mise tuath air ceann Lochlann Is is' aig Loch an Fhir Mhaoil Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì Ged is math a bhith seòladh 'S olc a tha e gam chòrdadh 'S mór gum b' fheàrr a bhith 'm Bòstadh A' cur an eòrna 's a' raon Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì Dh'fhalbh i ghluais i leinn dhachaidh Chuir i chuairt ud air Arcaibh Cruinn ùra, 's siùil gheala Tide mhara 's i leinn Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì Tighinn a nuas dhuinn aig Barbhas Thàinig oiteg on earra dheas 'S ann a shamhlaich mi falbh i Ris an earba air tìr Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì Nuair a dhìrich mi 'n cruadhlach Thug mi sùil thar mo ghuailleadh 'S ann a chunnaic mi gruagach A' dol mun cuairt air a nì Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì Nuair a dhìrich i bhruthach Thilg i bhuarach 's an cuman 'S thuirt i, "S uaibhreach an-diugh mi Seo air cuspair mo ghaoil" Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Fàill éille 's ho ra u Hogaidh ó 's na hó ì