[00:04.415]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi [00:10.502]A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi [00:17.257]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi [00:23.349]An tòir chrodh-laoigh a thàine mi. [00:29.665] [00:31.046]Gur ann a-raoir a chuala mi [00:36.611]Mo ghaol a bhith ri buachailleachd, [00:42.451]’S ged fhuair thu ’n iomall na buaile mi, [00:47.956]A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi. [00:55.606] [01:03.166]’S mi dìreadh ris na gàrraidhean, [01:08.840]’S a’ teàrnadh ris na fàirichean, [01:14.404]Gun d’ thachair fleasgach bàigheil rium, [01:19.876]’S cha d’ dh’ fheuch e bonn ga chàirdeis rium. [01:24.620] [01:26.748]Ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh, [01:32.358]Ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh, [01:37.919]Ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh, [01:43.540]A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi. [01:49.779] [01:58.808]Trodaidh m’ athair ’s mo mhàthair riut, [02:04.388]Trodaidh mo chinneadh ’s mo chàirdean riut, [02:10.069]Ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu [02:15.484]Mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi. [02:20.900] [02:22.743]Gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh, [02:28.443]Gheall i ribean a b’ ùire dhomh, [02:33.995]Is gheall i breacan ùr thoirt dhomh [02:39.593]Ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi. [02:45.191] [03:07.668]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi [03:11.123]A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi [03:16.611]A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi [03:22.740]A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi