Faili, faili, faili oro Faili, faili, faili oro Faili, faili, faili oro 'S cian nan cian bho dh'fhàg mi Leodhas 'N uair a rinn am bàta gluasad Leis na soluis ghorm is uaine Dh'fhàg sin m'inntinn trom fo ghruaman Siaban nan tonn uain' ag eirigh C'aite, c'aite c'aite an teid mi? 'Nuair a luidheas grian mo cheitein Slighe chuain eadar mi 's m'eudail 'S iargaineach mo laighe 's m'eirigh Faili, faili, faili oro Faili, faili, faili oro Faili, faili, faili oro 'S cian nan cian bho dh'fhàg mi Leodhas