Seinn an duan seo dhan Innis Àigh, An innis uaine as gile tràigh; Bidh sian air uairean a' bagairt cruaidh ris Ach 's e mo luaidh-sa bhith ann a' tàmh. Càit' as tràith' an tig samhradh caomh Càit' as tràith' an tig blàth air craoibh Càit' as bòidhche an seinn an smeòrach Air bhàrr nan ògan? 'S an Innis Àigh! Tiugainn leam-sa chun na tràigh 'S an fheasgar chìuin-ghil aig àm an làin, 'S chì thu 'm bòidhchead 's an liuthad seòrsa De dh'eòin tha còmhnaidh 's an Innis Àigh. An t-iasg as fiachaile dlùth don tràigh Is ann m'a chrìochan is miann leis tàmh; Bidh gillean èasgaidh le dorgh is lìontan Moch, moch ga iarraidh mun Innis Àigh. O 's geàrr an ùine gu 'n teirig là; Thig an oidhche 's gun iarr mi tàmh. Mo chadal buan-sa bidh e cho suaimhneach Ma bhios mo chluasag 's an Innis Àigh. Seinn an duan seo dhan Innis Àigh.