|
Madainn Di-haoine 's duthaich fo sgoth |
|
'S mi sgith le cuid smalan, mi-mhisneachd is bron |
|
Seo an deicheamh la dhan a'Ghiblean 'sinn fo ghruaim a rithist |
|
An co-dhunadh a cheannaich na daoine aig pris |
|
Tha spiorad nan daoine nas soilleir na ghealach |
|
Nas doimhne na'n cuan |
|
Geigh sinn ar n-aite 'san t-shaoghal |
|
'S an ginealach ur |
|
Ard: blar nan daoine |
|
Ard: guth is saorsa |
|
Ard: tha sinn gluasad |
|
Gu h-ard theid sinn suas |
|
'S iomadh trioblaidtha romhainn 'nis Gaidheal agus Gall |
|
'S mi le aon suil air eachdraidh, aon suil mo chlann |
|
Ach cum creideamh nad bheatha, sonas nad chridhe |
|
Chan e seo deireadh rathaid ach toiseach linn |
|
Tha spiorad nan daoine nas soilleir na ghealach |
|
Nas doimhne na'n cuan |
|
Geigh sinn ar n-aite 'san t-shaoghal |
|
'S an ginealach ur |
|
Ard: blar nan daoine |
|
Ard: guth is saorsa |
|
Ard: tha sinn gluasad |
|
Gu h-ard theid sinn suas |
|
Chan urrain dhomh fuireach an taigh 'tha fo sgoth |
|
Ach le creideamh is dochas gu deireadh mo la |
|
Tha an lasair nad anam aig meadhan do bhith |
|
Nas laidir's nas motha na riaghaltas no righ |